BSGI Clas 6/7 blog


Category Archive

The following is a list of all entries from the Uncategorized category.

An robh tòrr spòrs agaibh aig an diosgo?

Tha mi an dòchas gun do chòrd an diosgo ribh an raoir. Dè seòrsa aodach a bha oirbh? A bheil sibh dol a-mach a-nochd?

I hope you enjoyed the disco last night. What sort of clothes did you have on? Are you going out guising tonight?

Miss MacCormick :-)


Obair Dachaigh ~ Fèin-eachdraidh

Tha tuilleadh obair dachaigh airson an teirm seo. Tha mi an dòchas gun còrd e ribh!!! Na fàg e chun a’ mhionaid mu dheireadh idir!!!  :-D

obair-dachaigh-teirm-2-autobiography1


Obair Dachaigh Teirm 2

Seo obair dachaigh airson an teirm seo. Innsidh mi dhuibh cuin a tha agaibh ri dhèanamh!!!

tha-diofar-dhoighean-ann-comhradh-a


Blog ùr!!!

Tha sinn air blogs ùr fhaighinn mu dheireadh thall! Tha sinn air a bhith gu math trang sa chlas gu ruige seo. ‘S e uisge an cuspair a tha againn an dràsta agus tha e a’ còrdadh rinn.

Tha feadhainn dha na sgoilearan dol a’ sgrìobhadh rud neo dha mu na rudan tha air tachairt sa chlas.

 

We have started our new blogs at last! We have been quite busy in class so far. Our topic is water and we are enjoying it.

Some of the pupils are going to write about some of the things that have been happening in the class.

 

Watch this space…………


Barbecue 16/5/08

Bi clas 5/6 a’ reic na ticeadan airson Barbecue Malawi gach feasgar aig 3 uairean

P5/6 will be selling tickets for Friday night’s Malawi barbecue each afternoon at 3pm.

 


Naidheachdan!

‘S e teirm gu math trang a tha againn an drasta! Tha Mr Baillie a’ teagaisg rugbaidh gach seachdain agus tha Mr Nicolson a’ deanamh Drama comhla rinn cuideachd.

‘S e ‘Na Naidheachdan’ an cuspair a tha againn an drasta agus tha sinn air a bhith a’ rannsachadh eachdraidh ‘Olympics’ air sgath ’s gu bheil torr air a bhith air an teilebhisean agus anns na paipearan naidheachd mun deidhinn!  


Obair Dachaigh – Sanasan

obair-dachaigh-sanasan.doc 

Seo an obair dachaigh air sanasan tha Clas 5/6 a’ deanamh an drasta


Fosgladh na Sgoile 11/1/08

Bha Clas 5/6 ag obair gu math trang air deasbad nuair a thainig Am Priomh Mhinisteir dhan a’ chlas Dihaoine sa chaidh. Thug e dhuinn moran cuideachaidh a thaobh na doighean a dh’fhaodadh sinn a bhi deasbad mu dhiofar chuspairean. ‘S e duine gu math inntinneach a bh’ann.


Cairtean Nollaig

Cha leig sibh leas a bhith ruith mun cuairt a’ feuchainn cairtean Nollaig a thoirt seachad! Tha sinn air bocsa a chuir air doigh a bhios faisg air an doras aghaidh. Cuiribh ur cairtean dhan bhocsa dhearg againn agus bheir sinn iad seachad gach feasgar.

 You don’t need to be running about trying to hand out Christmas cards! We have made a post box and put it near the front door. Just put your cards in the box and we will hand them out each afternoon.


Clann ann an Eis 2007

img_0083.jpg

Seo na tachartasan a bha againn air an latha mor!

Bha Clas 5/6 a’ cruinneachadh buinn airson loidhne le airgead a’ dheanamh!

img_0074.jpg